Jump to content

Torcuil Crichton

O Uicipeid
Torcuil Crichton
ball 59mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

4 dhen Iuchar 2024 -
Sgìre: Na h-Eileanan an Iar
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024
Beatha
Breith dhen Dùbhlachd 1964
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd agus neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Làbarach
IMDb nm3113559
torcuil.scot

'S e neach-aithris, craoladair agus neach-poileataigs à Alba a tha ann an Torcuil Crichton BP.

Rugadh e anns an Rubha, Eilean Leòdhais agus dh'obraich e airson a' Phàipeir Bhig, an Glasgow Herald, an Sunday Herald agus airson an Daily Record mar neach-naidheachd poileataigeach aig Westminster.[1] Dh'aithris e na tachair ann an Àisia an ear-dheas an dèidh do tsunami ann an 2004 is e ag obair airson an Sunday Herald.[2]

Riochdaich e na h-Eileanan an Iar ann an Taigh nan Cumantan airson nan Làbarach an dèidh do thaghadh coitcheann ann an 2024.[3]

Chuir e a' Ghàidhlig air Kidnapped ('Fo Bhruid') le Robert Louis Stevenson is an t-suidheachadh agus caractaran anns an 21mh linn.[4] Tha an leabhar seo ri fhaighinn mar leabhar-èisteachd aig Stòrlann.[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ISLES CANDIDATE: Journalist Torcuil Crichton set to stand at next general election(Beurla), Am Pàipear Beag. 2na dhen Ghearran 2023. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2024. 
  2. Fianais, Series 1, Torcuil Crichton”. BBC ALBA. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2024.
  3. Crichton air buaidh fhaighinn anns na h-Eileanan an Iar”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen Iuchar 2024. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2024. 
  4. Fo Bhruid: Sgeulachdan ainmeil Robert Louis Stevenson 'Kidnapped' air a h-ath-innse san latha an-diugh”. Comhairle nan Leabhraichean. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2024.
  5. Fo Bhruid”. Stòrlann. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2024.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]